Skip to main content

NHS na Gàidhealtachd a’ cur air bhog Plana Gàidhlig 2023-28

27th November 2023
NHS Highland Dual Language Logo Transparent Padded

Tha NHS na Gàidhealtachd a’ cur air bhog Plana Gàidhlig ùr airson 2023-28.

Tha dleastanas reachdail air NHS na Gàidhealtachd, fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, airson a bhith an lùib brosnachadh a’ chànain.

Tha am Plana a’ cur an cèill structar foirmeil air ciamar a chuireas am Bòrd na h-amasan an gnìomh, agus chaidh fiosrachadh bho shuirbhidh an luchd-obrach agus taic bho Bhòrd na Gàidhlig a chleachdadh airson a tharraing ri chèile.

Thuirt Cathraiche NHS na Gàidhealtachd, Sarah Compton-Bishop, “Tha sinn air leth toilichte an treas eagran den Phlana Gàidhlig againn a chur air bhog. Tha e riatanach gun tog sinn aire dhaoine don chànan a chionn ’s gu bheil i fìor chudromach ann an cultar beairteach Gàidhealtachd na h-Alba.

“Mar am fastaiche as motha anns a’ Ghàidhealtachd, Earra-Ghàidheal is Bòid, tha tòrr chothroman is buannachdan rim fhaighinn is sinn a’ brosnachadh na Gàidhlig air feadh na sgìre.

“Cuiridh am Plana luach ris an ùine a chuireas euslaintich Ghàidhlig seachad leinn, air feadh NHS na Gàidhealtachd agus an fheadhainn a bhios sinn a’ seirbheiseadh anns na h-Eileanan an Iar.”

Thuirt Àrd-oifigear NHS na Gàidhealtachd, Pam Dudek, “Tha sinn toilichte a bhith an lùib brosnachadh na Gàidhlig air feadh na Gàidhealtachd, Earra-Ghàidheal is Bhòid, agus a’ chòrr den dùthaich.

“Bheir seo buannachd dha mòran de na h-euslaintich agus na coimhearsnachdan a tha sinn a’ frithealadh. Tha na h-amasan àrd-ìre againn a’ coimhead ri tuilleadh conaltraidh sa Ghàidhlig a leasachadh ann an seirbheisean leithid searcadh-inntinn, sheirbheisean teaghlaich agus a bhith a’ brosnachadh is a’ leasachadh roghainnean tràth-dhreuchd do luchd-labhairt na Gàidhlig ann an slàinte agus cùram sòisealta.”

Tha logo dà-chànanach ga chur air bhog an lùib a’ Phlana Ghàidhlig nas fharsainge.

Chuir NHS na Gàidhealtachd cùis ghnothachais gu Rùnaire a’ Chaibineit aig an àm, Humza Yousaf, airson mìneachadh mar a bheireadh cleachdadh an t-suaicheantais dhà-chànanaich taic do mhiannan cultarach gus a’ Ghàidhlig a dhèanamh nas fhollaisiche ann an coimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd, Earra-Ghàidheal is Bhòid. Chaidh gabhail ris a’ chùis ghnothachais agus cuiridh NHS na Gàidhealtachd an suaicheantas air bhog air na meadhanan didseatach againn, agus thèid soighnichean ùrachadh air feadh ar n-oighreachd, suaicheantasan carbaid agus stuthan clò-bhuailte eile mar a bhios feum.

Plana Gàidhlig NHS na Gàidhealtachd (An Treas Eagran) 2023-28.

Last updated: 28 November 2023