Skip to main content

Gàidhlig

Gàidhlig aig NHS na Gàidhealtachd

Tha e mar phàirt cudromach de ar seirbheisean, a bhith a’ dèanamh cinnteach gum faigh luchd-labhairt na Gàidhlig cothrom air cùram, taic agus seirbheisean slàinte agus sòisealta, an dàrna cuid tro mheadhan na Gàidhlig no gum bi cuideigin ann le Gàidhlig as urrainn taic a thoirt dhaibh.

Am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig

Tha NHS na Gàidhealtachd a’ toirt taic dhan amas sa Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig 2018-23 “gun tèid Gàidhlig a chleachdadh nas trice, le barrachd dhaoine agus ann am barrachd shuidheachaidhean.”

Tha sinn air cur romhainn an t-amas sin a choileanadh le bhith a’ toirt prìomhachas do na trì cinn seo nar n-obair:

  • A’ cleachdadh barrachd Gàidhlig taobh a-staigh na buidhne againn agus a’ brosnachadh barrachd dhaoine gu bhith a’ cleachdadh Gàidhlig nas trice nuair a tha gnothach aca rinn no ri ar seirbheisean
  • A’ cruthachadh barrachd chothroman do dhaoine Gàidhlig ionnsachadh mar phàirt den obair làitheil againn
  • A’ cur deagh ìomhaigh air adhart airson na Gàidhlig nuair as urrainn dhuinn mar phàirt den obair làitheil againn mar bhuidhinn

Plana Gàidhlig NHS na Gàidhealtachd

Chaidh an treas eagran de Phlana Gàidhlig NHS na Gàidhealtachd aontachadh le Bòrd na Gàidhlig air 5 an t-Sultain 2023.

Chaidh brath-naidheachd a sgaoileadh air Diluain 27mh an t-Sultain 2023 agus tha am plana ri leughadh an seo.

Faodar a leughadh sa Bheurla an seo.

Co-chomhairleachadh Poblach air Plana Gàidhlig.

Chaidh na priomh amasan àrd-ìre againn airson 2023-28 aontachadh mar a leanas:

A’ toirt fàs air cleachdadh na Gàidhlig

Bidh NHS na Gàidhealtachd a’ gabhail ri Gàidhlig mar fheumalachd an lùib cùram clionaigeach is sòisealta nuair a thathar a’ toirt cùram do dh’euslaintich.

Gum bi barrachd tuigse air is deagh-ghean dhan Ghàidhlig am measg an luchd-obrach uile ann an roinnean buntainneach den bhuidhinn agus gum bi i air a cleachdadh barrachd leotha nuair a tha iad a’ dèiligeadh ri euslaintich agus luchd-cleachdaidh ar seirbheisean.

Bidh NHS na Gàidhealtachd a’ gabhail ris gu bheil a’ Ghàidhlig na pàirt bunaiteach den obair aca gus piseach a thoirt air slàinte is math nan coimhearsnachdan aca a’ gabhail a-steach nan seirbheisean teaghlaich is màthaireil aca.

Bidh fios aig euslaintich air na seirbheisean Gàidhlig a gheibhear an lùib nan seirbheisean teaghlaich is màthaireil agus air na buannachdan a gheibhear nan cois.

A’ toirt fàs air ionnsachadh na Gàidhlig

Bidh Gàidhlig mar phàirt de dh’obair oideachaidh is fhiosrachaidh sam bith a nì NHS na Gàidhealtachd ann an coimhearsnachdan.

Nuair as urrainnear, bidh daoine le Gàidhlig an sàs ann an obair oideachaidh is fhiosrachaidh ann an coimhearsnachdan agus thèid fiosrachadh a sgaoileadh gu dà-chànanach.

Obraichidh NHS na Gàidhealtachd còmhla ri luchd-solair foghlaim gus slighean Gàidhlig a chruthachadh airson teisteanasan co-cheangailte ri cùram slàinte is sòisealta ann an sgìrean iomchaidh.

Bidh slighean ionnsachaidh ann dhan fheadhainn aig a bheil Gàidhlig a tha ag iarraidh obair ann an Roinn a’ Chùraim Shlàinte is Shòisealta.

A’ cur deagh ìomhaigh air adhart airson na Gàidhlig

Bidh Gàidhlig mar phàirt de lèirsinn is ro-innleachd NHS na Gàidhealtachd.

Bidh NHS na Gàidhealtachd air a faicinn mar bhuidhinn far bheil Gàidhlig ga cleachdadh bho latha gu latha.

Last updated: 16 February 2024

Next review date: 17 June 2024