Skip to main content

Iomradh bho Bhòrd Slàinte na Gàidhealtachd

08th September 2022
Queen Elizabeth II Death

Tha Boyd Robasdan, Cathraiche NHS na Gàidhealtachd agus Pam Dudek, Àrd-oifigear NHS na Gàidhealtachd, air an aithris a leanas fhoillseachadh:

“’S ann le fìor bhròn a chuala sinn mu bhàs A Mòrachd, a’ Bhànrigh.

“Às leth ar luchd-obrach is ar n-euslaintich, bu mhath leinn ar co-fhaireachdainn a nochdadh dhan Teaghlach Rìoghail.

“Chuir sinn fàilte air A Mòrachd gu Ospadal an Ràthaig Mhòir agus Ospadal Latharna is nan Eileanan san Òban, nuair a chaidh an dà ionad fhosgladh gu h-oifigeil. B’ e adhbhar moit a bh’ ann dhan a h-uile duine a bha an sàs san dà thachartas agus tha sinn cinnteach gum bi gu leòr a’ cuimhneachadh air sin an-diugh ’s sinn, mar nàisean, a’ caoidh.

“Chuir a' Bhanrigh Ealasaid 11 eisimpleir romhainn uile de sheirbheis phoblach gun abhsadh a ghabh i os làimh le uaisleachd, ùmhlachd agus daonnachd. Bha i riochdachadh nam feartan air a bheil seirbheis na slàinte ag amas agus dha bheil i an geall.”

Leugh seo sa Bheurla / read this in English

Last updated: 4 May 2023