Skip to main content

Gàidhlig

Gàidhlig aig NHS na Gàidhealtachd

Tha e mar phàirt chudromach de ar seirbheisean, a bhith a’ dèanamh cinnteach gum faigh luchd-labhairt na Gàidhlig cothrom air cùram, taic agus seirbheisean slàinte agus sòisealta, an dàrna cuid tro mheadhan na Gàidhlig no gum bi cuideigin ann le Gàidhlig as urrainn taic a thoirt dhaibh.

Google Translate

Google Translate can be used to automatically translate our web pages. Please be aware that the translations aren’t always accurate.  

Thèid agaibh air Google Translate a chleachdadh gus ar larach-lìn eadar-theangachadh gu Gàidhlig. Thoir an àire nach bi na eadar-theangaidhean uile ceart.

 

start translation here

 

Google Translate To Gaelic

Am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig

Tha NHS na Gàidhealtachd a’ toirt taic dhan amas sa Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig 2018-23 “gun tèid Gàidhlig a chleachdadh nas trice, le barrachd dhaoine agus ann am barrachd shuidheachaidhean.”

Tha sinn air cur romhainn an t-amas sin a choileanadh le bhith a’ toirt prìomhachas do na trì cinn seo nar n-obair:

  • A’ cleachdadh barrachd Gàidhlig taobh a-staigh na buidhne againn agus a’ brosnachadh barrachd dhaoine gu bhith a’ cleachdadh Gàidhlig nas trice nuair a tha gnothach aca rinn no ri ar seirbheisean
  • A’ cruthachadh barrachd chothroman do dhaoine Gàidhlig ionnsachadh mar phàirt den obair làitheil againn
  • A’ cur deagh ìomhaigh air adhart airson na Gàidhlig nuair as urrainn dhuinn mar phàirt den obair làitheil againn mar bhuidhinn

Plana Gàidhlig NHS na Gàidhealtachd

Chaidh an treas eagran de Phlana Gàidhlig NHS na Gàidhealtachd aontachadh le Bòrd na Gàidhlig air 5 an t-Sultain 2023.

Chaidh brath-naidheachd a sgaoileadh air Diluain 27mh an t-Sultain 2023 agus tha am plana ri leughadh an seo.

Faodar a leughadh sa Bheurla an seo.

Co-chomhairleachadh Poblach air Plana Gàidhlig.

Chaidh na priomh amasan àrd-ìre againn airson 2023-28 aontachadh mar a leanas:

A’ toirt fàs air cleachdadh na Gàidhlig

Bidh NHS na Gàidhealtachd a’ gabhail ri Gàidhlig mar fheumalachd an lùib cùram clionaigeach is sòisealta nuair a thathar a’ toirt cùram do dh’euslaintich.

Gum bi barrachd tuigse air is deagh-ghean dhan Ghàidhlig am measg an luchd-obrach uile ann an roinnean buntainneach den bhuidhinn agus gum bi i air a cleachdadh barrachd leotha nuair a tha iad a’ dèiligeadh ri euslaintich agus luchd-cleachdaidh ar seirbheisean.

Bidh NHS na Gàidhealtachd a’ gabhail ris gu bheil a’ Ghàidhlig na pàirt bunaiteach den obair aca gus piseach a thoirt air slàinte is math nan coimhearsnachdan aca a’ gabhail a-steach nan seirbheisean teaghlaich is màthaireil aca.

Bidh fios aig euslaintich air na seirbheisean Gàidhlig a gheibhear an lùib nan seirbheisean teaghlaich is màthaireil agus air na buannachdan a gheibhear nan cois.

A’ toirt fàs air ionnsachadh na Gàidhlig

Bidh Gàidhlig mar phàirt de dh’obair oideachaidh is fhiosrachaidh sam bith a nì NHS na Gàidhealtachd ann an coimhearsnachdan.

Nuair as urrainnear, bidh daoine le Gàidhlig an sàs ann an obair oideachaidh is fhiosrachaidh ann an coimhearsnachdan agus thèid fiosrachadh a sgaoileadh gu dà-chànanach.

Obraichidh NHS na Gàidhealtachd còmhla ri luchd-solair foghlaim gus slighean Gàidhlig a chruthachadh airson teisteanasan co-cheangailte ri cùram slàinte is sòisealta ann an sgìrean iomchaidh.

Bidh slighean ionnsachaidh ann dhan fheadhainn aig a bheil Gàidhlig a tha ag iarraidh obair ann an Roinn a’ Chùraim Shlàinte is Shòisealta.

A’ cur deagh ìomhaigh air adhart airson na Gàidhlig

Bidh Gàidhlig mar phàirt de lèirsinn is ro-innleachd NHS na Gàidhealtachd.

Bidh NHS na Gàidhealtachd air a faicinn mar bhuidhinn far bheil Gàidhlig ga cleachdadh bho latha gu latha.

Lìonra Luchd-obrach Gàidhlig NHS na Gàidhealtachd

Tha NHS na Gàidhealtachd toilichte a ràdh gun deach a' chiad Lìonra Luchd-obrach Gàidhlig againn a chur air bhog, agus gun deach fhosgladh gu h-oifigeil an-dè. Tha an lìonra ùr seo fosgailte do gach neach-obrach; luchd-labhairt na Gàidhlig, luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, no neach sam bith le ùidh sa chànan agus sa chultar.

Tha Lìonra Luchd-obrach Gàidhlig NHS na Gàidhealtachd na àite thaiceil do luchd-obrach gus ceanlaichean a thogail, beachdan a cho-roinn, agus cuideachadh le bhith a' brosnachadh cleachdadh agus faicsinneachd na Gàidhlig air feadh NHS na Gàidhealtachd. Bheir an Lìonra taic do luchd-obrach a tha airson am misneachd ann a bhith a' cleachdadh na Gàidhlig san àite-obrach a leasachadh.

Tha stèidheachadh an Lìonra na cheum cudromach ann a bhith a' toirt taic do h-amasan Plana Gàidhlig NHS na Gàidhealtachd 2023-2028, agus a' cuideachadh le bhith a' neartachadh ar dealas do chànan, cultar agus fèin-aithne na Gàidhlig taobh a-staigh na buidhne againn agus nan coimhearsneachdan a tha sinn a' frithealadh.

Tha sinn a' brosnachadh gach neach-obrach aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig a bhith nam pàirt den Lìonra ùr inntinneach seo.

Staff Network Logo Gaelic

Bathar ùr Gàidhlig do luchd-obrach NHS na Gàidhealtachd

Tha NHS na Gàidhealtachd toilichte raon ùr de bhathar Gàidhlig a chuir air bhog gus cuideachadh le follaiseachd na Gàidhlig thar ar seirbheisean agus gus taic a thoirt do chonaltradh le euslaintich, co-obraichean agus buill den choimhearsnachd aig a bheil Gàidhlig.

Tha am bathar ùr a’ gabhail a-steach:

  • Lainneard “Tha Gàidhlig agam”

  • Bràistean “Tha Gàidhlig agam”

  • Stiogairean “Tha beagan Gàidhlig agam”

Tha an lainneard agus na bràistean “Tha Gàidhlig agam” na chomharra gus luchd-labhairt Gàidhlig aithneachadh, agus tha na stiogairean “Tha beagan Gàidhlig agam” air an dealbhadh airson luchd-obrach a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig no a tha airson còmhraidhean sìmplidh a bhrosnachadh.

Le bhith a’ dèanamh na Gàidhlig nas fhaicsinniche anns na h-àiteachan-obrach againn, tha sinn an dòchas euslaintich, luchd-obrach agus buill den phoball aig a bheil Gàidhlig a chuideachadh gus aithneachadh cuin as urrainn dhaibh an cànan as fheàrr leotha a chleachdadh.

Tha an iomairt seo a’ freagairt ri Plana Gàidhlig NHS na Gàidhealtachd le bhith a’ meudachadh faicsinneachd agus cleachdadh làitheil na Gàidhlig air feadh na buidhne againn agus aig an aon àm a’ brosnachadh àrainneachd fàilteachail do luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Tha cuireadh aig ball sam bith de luchd-obrach NHS na Gàidhealtachd a tha airson lainneard, bràiste no stiogair fhaighinn fios a chuir gu nhsh.gaelic@nhs.scot. Thèid bathar a chur an-asgaidh chun àite-obrach agad ann an NHS na Gàidhealtachd.

gaelic-lanyards-stickers.jpg

Gaelic merchandise available for NHS Highland staff

NHS Highland is pleased to launch a new range of Gaelic merchandise to help increase the visibility of Gaelic across our services and support communication with Gaelic-speaking patients, colleagues and members of the community.

The range includes:

  • "Tha Gàidhlig agam" ("I speak Gaelic") lanyards

  • "Tha Gàidhlig agam" badges

  • "Tha beagan Gàidhlig agam" ("I have a little Gaelic") stickers

The "Tha Gàidhlig agam" lanyards and badges allow fluent or confident Gaelic speakers to identify themselves, while the "Tha beagan Gàidhlig agam" stickers are designed for staff who are learning Gaelic or would like to encourage simple conversations using the language.

By making Gaelic more visible within our workplaces, we hope to make it easier for Gaelic-speaking patients, staff and members of the public to recognise when they can use their preferred language. Even a simple greeting in Gaelic can help create a welcoming and person-centred experience.

This initiative aligns with the NHS Highland Gaelic Language Plan by increasing the visibility and everyday use of Gaelic across our organisation while promoting a welcoming environment for Gaelic speakers and learners alike.

Any NHS Highland member of staff who would like to receive a lanyard, badge or sticker is invited to contact nhsh.gaelic@nhs.scot. Merchandise will be sent free of charge to your NHS Highland workplace.

Last updated: 5 August 2026